Support Worker; Early Learning & Childcare); Gaelic) Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis - HGH
Listed on 2026-11-02
-
Education / Teaching
English Teacher / ESL TEFL, Early Childhood Education
Airson fiosrachadh mu buìth ag obair ann an TICC thoiribh sùil air
Adhbhar dreuchd:
Obrachadh mar bhall èifeachdach den sgioba chùraim-chloinne, a’ toirt taic dhan Cheannard ann a bhith a’ lìbhrigeadh raon chleasan brosnachail ann an àrainneachd shàbhailte a choinnicheas ri feumalachdan chloinne agus an teaghlaichean. Nithear an obair a rèir phoileasaidhean, stiùiridhean agus mhodhan cleachdaidh Chomhairle na Gàidhealtachd.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd ag àrach cruthachas is ùr-ghnàthachas. Tha sinn dealasach a thaobh co-ionannachd chothroman agus do bhaitheamh cothromach is ion-ghabhalach. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho daoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh, agus tha sinn gu sònraichte a’ brosnachadh iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith fo-riochdaichte san sgioba-obrach againn.
Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.
Neach-obrach Taice (Tràth-ionnsachadh agus Cùram-chloinne) a bhith clàraichte le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) no aontachadh cur a-steach chun an CSSA gus clàrachadh mar neach-cleachdaidh. Às dèidh an dreuchd a ghabhail, bu chòir dhan Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean clàrachadh le CSSA. Ma thathar clàraichte mar-thà agus ma tha an cosnadh le Comhairle na Gàidhealtachd a’ ciallachadh gu bheilear ag atharrachadh fastaiche, bu chòir dhaibh fios a chur gu CSSA mu atharrachaidhean sam bith.
Bhiodh ... ann an Làimhseachadh Bìdh agus Ciad Chobhair nam buannachdan.
Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucoireach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coinneachadh an dà shlat-tomhais a leanas:
Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no nas sine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.
Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucoireach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.
(If this job is in fact in your jurisdiction, then you may be using a Proxy or VPN to access this site, and to progress further, you should change your connectivity to another mobile device or PC).