Play Leader, Gaelic, Sgoil Araich Shiaboist (4863) - Fixed Term - CNS06419
ADVERT:
Stiùiriche Cluiche, Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Sgoil-àraich Shiaboist (4863)
34.5 uair gach seachdain, tron teirm, 31/03/2027
£29,349 - £31,711 gach bliadhna, a’ gabhail a-steach £2,415 Cuibhreann Eileanan Iomallach gach bliadhna.
Bidh an neach a shoirbhicheas a’ dealbh curraicealaim a bheir taic agus stiùireadh a thaobh ionnsachadh iomlan agus adhartas chloinne. Dealbhaidh agus cuiridh tu air dòigh seiseanan cluiche a bhios freagarrachd do dh’fheumalachdan gach pàiste. Gabhaidh tu àite a’ mhanaidseir nuair a bhios sin feumail.
Bidh an obair a’ gabhail a-steach co-obrachadh leis a’ Mhanaidsear agus Prìomh-Luchd-obrach na Sgoil-àraich gus clàr-obrach làitheil, seachdaine agus teirmeil a chur air dòigh a tha freagarrach do ìre adhartais gach pàiste; a’ toirt bheachdan , a’ dèanamh mheasaidhean agus a’ clàradh fiosrachaidh mu chloinn agus gnìomhan cluiche gus dèanamh cìnnteach gu bheil iad a-rèir feumalachdan ionnsachaidh agus adhartais nam pàistean;
a’ cumail chlàir de làthaireachd agus feumalachdan pearsanta na cloinne; agus a bhith furachail a thaobh clann a bhith air an togail gu sàbhailte aig deireadh gach latha, le neach aig a bheil cead.
Tha e riatanach gum bi eòlas agus tuigse agad air Curraicealam Sàr-mhaitheis, Am Ro-bhreith gu Trì, Togail Ard-amas, Dè cho math sa tha ar Tràth-ionnsachadh & Cùram Chloinne agus Irèan Cùraim Nàiseanta. Feumaidh eòlas dearbhte a bhith agad air a bhith ag obair le clann òga san teaghlaichean ann an àrainneachd thràth-bhliadhnaichean agus teisteanas a tha freagairt air na tha Comhairle Sheirbheisean Sòisealta Alba a’ dùileachadh bho luchd-obrach.
Feumaidh tu bhith comasach air curricealam a dhealbh sa lìbhrigeadh ann an geàrr-ùine, meadhan-ùine agus san ùine fhada.
Tha comas labhairt agus leughaidh Gàidhlig riatanach.
Feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le clann san dreuchd seo. (Protecting Vulnerable Groups (PVG) scheme - mygov.scot).
Thèid agallaibhean a chumail air beulaibh dhaoine, a’ toirt cothroim do thagraichean coinneachadh ris an sgioba agus beachd fhaighinn air an àrainneachd obrach.
Ceann-latha:
Diluain 24 Lùnastal 2026
Tha tuartastal na dreuchd seo a’ gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. Thèid an neach fhastadh air a’ chiad ìre den rang.
Bithibh mothachail nach eile pàirt-phàigheadh ri fhaotainn, no air a thabhann, airson na h-obrach seo.
MUS CUIR THU TAGRADH A-STEACH:Dèan cinnteach gum fosgail agus gun leugh thu gach bileag a tha an cois an t-sanais seo mus lìon thu a’ bhileag tagraidh.
Mìnichidh Notaichean Stiùiridh do Luchd-tagraidh am pròiseas fastaidh againn agus mar bu chòir am fiosrachadh as deatamaiche a lìonadh a-steach san tagradh gus an am bi deagh chothrom agad do sgilean agus d’ eòlas a thaisbeanadh.
Feumar an Cunntas Obrach agus an Sònrachadh Pearsanta a leughadh gus an earrann mu ‘Eòlas’ den tagradh a lìonadh. Bu chòir dhut a dhol a rèir an t-Sònrachaidh Phearsanta gus cunntas mionaideach a thoirt air mar a tha thu a’ coileanadh gach puing agus eisimpleirean a thoirt seachad mar dhearbhadh.
Dèan leth-bhreac agus sàbhail an cunntas obrach, an sònrachadh pearsanta agus bileag sam bith eile bhon t-sanas oir cha tèid agad air am faotainn aon uair agus gun tèid am fiosrachadh mun obair a thoirt sìos.
Faodar Goireasan Tuigse Innealta (AI) a leithid Copilot agus ChatGPT a chleachdadh gus do chuideachadh a’ deasachadh tagraidh, mar eisimpleir airson beachdan a thional no gràmar no litreachadh a cheartachadh. Ach, ’s e d’ obair fhèin a dh’fheumas a bhith ann am fiosrachadh sam bith a thèid dhan tagradh a thaobh d’ eòlais, sgilean agus comais, d’ fhiosrachaidh, do theisteanasan agus na choilean thu.
’S mathaid nach tèid gabhail ri tagraidhean a tha cus an innibh Tuigse Innealta. Le bhith a’ cur a-steach tagraidh, tha thu a’ dearbhadh gu bheil am fiosrachadh fìrinneach agus stèidhichte air d’ eòlas fhèin.
Am fiosrachadh as ùire mu thagradh
Dèan cinnteach gun cuir thu do sheòladh post-dealain a-steach ceart, oir ’s ann chun an t-seòlaidh sin a thèid fiosrachadh mun tagradh. Bhiodh e glic dhut a bhith toirt sùil air do bhogsa post-d, pasgan sgudail agus do…
To Search, View & Apply for jobs on this site that accept applications from your location or country, tap here to make a Search: