Early Years Practitioner (Gaelic) (32hpw), Gairloch Primary School - HGH21624
Listed on 2026-08-21
-
Education / Teaching
Early Childhood Education, Special Education Teacher, English Teacher / ESL TEFL, Special Needs / Learning Disabilities
Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an TICC thoiribh sùil air
Neach Fiosrachaidh:
Adhbhar dreuchd:
Obrachadh mar bhall èifeachdach de sgioba, a’ lìbhrigeadh seirbheis tràth-ionnsachaidh is cùraim-chloinne a tha subailte is de chàileachd àrd, agus a choinnicheas ri feumalachdan chloinn òga is an teaghlaichean.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd ag àrach cruthachas is ùr-ghnàthachas. Tha sinn dealasach a thaobh co-ionannachd chothroman agus do bh. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho daoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh, agus tha sinn gu car? Mar fhastaiche a tha misneachail a tha buailteach a fo-riochdaichte san sgioba-obrach againn.
Mar fhastaiche a tha misneachail a tha buailteach a fo-riochdaichte san sgioba-obrach againn.
Bu chòir dhaibhsan a tha air am fastadh mar Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – le teisteanas – a bhith a’ cumail teisteanas aithnichte ann an Cùram-chloinne agus Foghlam. (Mar eisimpleir HNC/NNEB/SVQ
3) agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0535.
Bidh e mar riatanas air Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean – gun teisteanas – obrachadh gu ruige aon de na duaisean gu h-àrd taobh a-staigh raon-ama aontaichte agus bidh am pàigheadh aig ìre HC0435.
Feumaidh an Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean a bhith clàraichte le Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (CSSA) no aontachadh cur a-steach chun an CSSA gus clàrachadh mar neach-cleachdaidh. Às dèidh an dreuchd a ghabhail, bu chòir dhan Neach-obrach Thràth-bhliadhnaichean clàrachadh le CSSA. Ma thathar clàraichte mar-thà agus ma tha an cosnadh le Comhairle na Gàidhealtachd a’ ciallachadh gu bheilear ag atharrachadh fastaiche, bu chòir dhaibh fios a chur gu CSSA mu atharrachaidhean sam bith.
Bhiodh teisteanasan ann an Làimhseachadh Bìdh agus Ciad Chobhair nam buannachdan.Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucoireach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coinneachadh an dà shlat-tomhais a leanas:
Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no nas sine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.
Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucoireach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh. #J-18808-Ljbffr
To Search, View & Apply for jobs on this site that accept applications from your location or country, tap here to make a Search: