×
Register Here to Apply for Jobs or Post Jobs. X

Nursery Key Worker Gaelic Medium, Qualified, Saoghal Beag Nursery - CNS

Job in Isle of North Uist, Scotland, UK
Listing for: COMHAIRLE NAN EILEAN SIAR
Full Time position
Listed on 2026-09-19
Job specializations:
  • Education / Teaching
    English Teacher / ESL TEFL, Training Instructor / Specialist, Early Childhood Education, Special Needs / Learning Disabilities
Salary/Wage Range or Industry Benchmark: 32610 - 35639 GBP Yearly GBP 32610.00 35639.00 YEAR
Job Description & How to Apply Below
Position: Nursery Key Worker (9753), Gaelic Medium, Qualified, Saoghal Beag Nursery - CNS06536
Location: Isle of North Uist

ADVERT:

Prìomh Neach-obrach Sgoil-àraich, le Teisteanas, Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, Saoghal Beag (9753)
37 uairean gach seachdain, fad na bliadhna, dreuchd mhaireannach
£32,610 - £35,639 gach bliadhna, a’ gabhail a-steach £2,997 de Chuibhreann Eileanan Iomallach gach bliadhna

Le taic, bidh thu a’ cur curraicealam air dòigh tro mheadhan na Gàidhlig a bhios a’ cur taic ri, agus a’ stiùireadh, ionnsachadh agus leasachadh iomlan cloinne, agus a’ planadh agus a’ cur seisean cluiche air dòigh, le bhith a’ gabhail suim de dh’fheumalachdan gach pàiste.

Feumaidh eòlas dearbhte a bhith agad air cùram-chloinne a thaobh a bhith ag obair le pàistean òga agus an teaghlaichean ann an suidheachadh tràth-bhliadhnaichean, agus teisteanas a choinnicheas ri feumalachdan Comhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba airson Luchd-cleachdaidh.

Tha comas labhairt agus leughadh na Gàidhlig riatanach.

Mar riatanas laghail, feumaidh tu ballrachd de Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònta (PVG) a thaobh a bhith an sàs ann an obair riaghlaichte le Clann san dreuchd seo (Protecting Vulnerable Groups (PVG) scheme - mygov.scot).

Tha tuartastal na dreuchd seo a’ gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. Thèid an neach fhastadh air a’ chiad ìre den rang.

Thèid agallaibhean a chumail air beulaibh dhaoine, a’ toirt cothroim do thagraichean coinneachadh ris an sgioba agus beachd fhaighinn air an àrainneachd obrach.

Ceann-latha:
Diluain 5 Dàmhair 2026

Tha tuartastal na dreuchd seo a’ gabhail a-steach Cuibhreann Eileanan Iomallach. Thèid an neach fhastadh air a’ chiad ìre den rang.

Bithibh mothachail nach eile pàirt-phàigheadh ri fhaotainn, no air a thabhann, airson na h-obrach seo.

MUS CUIR THU TAGRADH A-STEACH:

Dèan cinnteach gum fosgail agus gun leugh thu gach bileag a tha an cois an t-sanais seo mus lìon thu a’ bhileag tagraidh.

Mìnichidh Notaichean Stiùiridh do Luchd-tagraidh am pròiseas fastaidh againn agus mar bu chòir am fiosrachadh as deatamaiche a lìonadh a-steach san tagradh gus an am bi deagh chothrom agad do sgilean agus d’ eòlas a thaisbeanadh.

Feumar an Cunntas Obrach agus an Sònrachadh Pearsanta a leughadh gus an earrann mu ‘Eòlas’ den tagradh a lìonadh. Bu chòir dhut a dhol a rèir an t-Sònrachaidh Phearsanta gus cunntas mionaideach a thoirt air mar a tha thu a’ coileanadh gach puing agus eisimpleirean a thoirt seachad mar dhearbhadh.

Dèan leth-bhreac agus sàbhail an cunntas obrach, an sònrachadh pearsanta agus bileag sam bith eile bhon t-sanas oir cha tèid agad air am faotainn aon uair agus gun tèid am fiosrachadh mun obair a thoirt sìos.

Faodar Goireasan Tuigse Innealta (AI) a leithid Copilot agus ChatGPT a chleachdadh gus do chuideachadh a’ deasachadh tagraidh, mar eisimpleir airson beachdan a thional no gràmar no litreachadh a cheartachadh. Ach, ’s e d’ obair fhèin a dh’fheumas a bhith ann am fiosrachadh sam bith a thèid dhan tagradh a thaobh d’ eòlais, sgilean agus comais, d’ fhiosrachaidh, do theisteanasan agus na choilean thu.

’S mathaid nach tèid gabhail ri tagraidhean a tha cus an innibh Tuigse Innealta. Le bhith a’ cur a-steach tagraidh, tha thu a’ dearbhadh gu bheil am fiosrachadh fìrinneach agus stèidhichte air d’ eòlas fhèin.


Am fiosrachadh as ùire mu thagradh
Dèan cinnteach gun cuir thu do sheòladh post-dealain a-steach ceart, oir ’s ann chun an t-seòlaidh sin a thèid fiosrachadh mun tagradh. Bhiodh e glic dhut a bhith toirt sùil air do bhogsa post-d, pasgan sgudail agus do chunntas My Job Scotland tric airson tuilleadh fiosrachaidh.

ADVERT:

Nursery Key Worker, Qualified, Gaelic Medium, Saoghal Beag (9753)
37 hours per week, year round, permanent
£32,610 - £35,639 per annum, inclusive of £2,997 Distant Islands Allowance per annum

Through the medium of Gaelic, you will plan a curriculum which supports and…

To View & Apply for jobs on this site that accept applications from your location or country, tap the button below to make a Search.
(If this job is in fact in your jurisdiction, then you may be using a Proxy or VPN to access this site, and to progress further, you should change your connectivity to another mobile device or PC).
 
 
 
Search for further Jobs Here:
(Try combinations for better Results! Or enter less keywords for broader Results)
Location
Increase/decrease your Search Radius (miles)
0
200
Filters
Education Level
Experience Level (years)
Posted in last:
Salary