×
Register Here to Apply for Jobs or Post Jobs. X

Support Worker; Early Learning & Childcare; Gaelic; hpw; Primary School - HGH

Job in Ullapool, Highland, IV26, Scotland, UK
Listing for: HIGHLAND COUNCIL
Part Time, Seasonal/Temporary, Contract position
Listed on 2026-06-17
Job specializations:
  • Education / Teaching
    Early Childhood Education
Salary/Wage Range or Industry Benchmark: 9505 - 9768 GBP Yearly GBP 9505.00 9768.00 YEAR
Job Description & How to Apply Below
Position: Support Worker (Early Learning & Childcare) (Gaelic) (15hpw) (Fixed Term until 01 July 2027 Primary School - HGH21313

Job Description

Tiotal Dreuchd:
Neach-obrach Taice (Tràth-ionnsachadh & Cùram-chloinne)

Àite:
Bun-Sgoil Ullapuil

Uairean: 15 san t-seachdain
Ùine:
Stèidhichte gu 01 Iuchar 2027

Tuarastal: £9,505 - £9,768 per annum

Mar as trice, bidh am pàigheadh aig a’ chiad phuing dhen sgèile.

Tha iarrtasan bho luchd-labhairt na Gàidhlig riatanach.

Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an TICC thoiribh sùil air childcarecareersscotland.scot/

Airson stiùireadh is beachdan mu dhreuchdan TICC ann an Comhairle na Gàidhealtachd cliogaibh an seo

Neach Fiosrachaidh:
Kirsteen Hotchkiss Fòn:

Adhbhar Obrach: Obrachadh mar bhall èifeachdach den sgioba chùraim-chloinne, a’ toirt taic dhan Cheannard ann a bhith a’ lìbhrigeadh raon chleasan brosnachail ann an àrainneachd shàbhailte a choinnicheas ri feumalachdan chloinne agus an teaghlaichean. Nithear an obair a rèir phoileasaidhean, stiùiridhean agus mhodhan cleachdaidh Chomhairle na Gàidhealtachd.

Cuiribh a-steach IARRTAS AIR-LOIDHNE.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach.

Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach.

Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.

Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.

Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudail

Requirements

Tha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coinneachadh an dà shlat-tomhais a leanas:

  • Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Òlaind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn.
  • Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no na bu shine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.

Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.

Note that applications are not being accepted from your jurisdiction for this job currently via this jobsite. Candidate preferences are the decision of the Employer or Recruiting Agent, and are controlled by them alone.
To Search, View & Apply for jobs on this site that accept applications from your location or country, tap here to make a Search:
 
 
 
Search for further Jobs Here:
(Try combinations for better Results! Or enter less keywords for broader Results)
Location
Increase/decrease your Search Radius (miles)
0
200
Filters
Education Level
Experience Level (years)
Posted in last:
Salary